Fear dhe na geasagan as fheàrr leam – “Lord, set it right again, right” agus ged nach eil e ceangailte ris a’ chuspair seo dha-rìribh, ann an dòigh tha e a’ mìneachadh a’ phractas air a bheil sinn a’ bruidhinn – Saining; a’ cur rudan ann an òrdugh. ‘S e facal curta a th’ ann an ‘Saining’ (co-dhàimheil leis a’ Ghàidhlig agus Beurla-Ghallta). Thèid an fhacal seo mun chuairt air ‘TikTok’ gach mhìos le daoine a’ cleachdadh stuth nach eil fiùs ceangailte ris a’ phractas. Mo shàrachadh, feumaidh mi aideachadh.
Chan eil deit dìreach againn airson nuair a thòisich Saining, ach tha cunntasan againn bho na 1500an (ach nas cumanta, sna 1800an), chun latha againn an-diugh (Ortha Nan Gàidheal, The Sun Dances, Gaelic Incantations, agus The Gaelic Otherworld). ’S ann à Alba a tha an traidisean seo bho thùs ach chì sinn ann an Innis Tìle e aig Àm a’ Bhliadhn’ Ùire agus cuideachd ann an teaghlaichean luchd-siubhail, no dìreach teaghlaichean aig a bheil ceanglaichean ri Alba. Nam bheachd-sa, chan eil a’ phractas seo dùinte do dhaoine idir, ach bu chòir dhut ionnsachadh bho cuideigin aig a bheil fios mu dheidhinn. A bharrachd air sin, bu chòir spèis a bhith agad air a’ phractas seo air sgàth ’s gun can daoine gur e ‘Celtic smudging’ a th’ ann agus chan e smudging a tha seo idir. ‘S e fìor mhì-fheum a tha sin agus chan bu chòir dhuinn sin a chantainn ris. Chan urrainn dhomh seo a chur fo chuideam gu leòr.
Tha mìneadh doirbh air an fhacal seo air sgàth ’s nach e dìreach aon phractas a th’ ann. Tha an fhacal a’ ciallachadh mòran rudan eadar-dhealaichte. Faodaidh sinn Saining a mhìneachadh mar:
- Beannachadh
- Geasagan
- Seuntan
- Orrachan dìdeanach
- a’ toirt fàth-fìth do dhaoine
- a’ toirt do-leòntachd do dhaoine
- a’ cur às an droch shùil
- a’ toirt air ais bainne dhan bhò
- a’ coisrigeadh àiteachean
Agus a’ bharrachd air sin.
Gun teagamh sam bith, tha mòran ‘Sains’ eile ann (mar a chanadh sinn riutha) air nach eil mi fhìn eòlach.
Carson a chanar “Saining” ris ann am Beurla-Ghallta?
Canaidh sinn ‘Saining’ ris, sgrìobhte mar ‘Sayning’, ‘Saning’, agus ‘Sayne’ cuideachd air sgàth ’s nach eil ceart-litreachadh bun-tomhasaichte againn ann am Beurla-Ghallta. Thànaig an fhacal bhon Bheurla sna Meadhan Aoisean dhan Bheurla-Ghallta a’ ciallachadh ‘a’ dèanamh crois ort fhèin’. Ann am Faclair Cànain Bheurla-Ghallta thathar ga mhìneachadh mar:
“Blessing by ritual sign or act; making the sign of the cross; crossing oneself.
– Dictionary of the Scots Language”
Ma thèid sinn air ais nas fhada tron linntean, tha ceangal Làdainn ann leis an fhacal ‘Signum’ (mar a chì sinn ann an ‘Signum Crucis’). Tha seo ag innse dhuinn gu bheil ceangal ann eadar Saining agus an creideamh Caitligeach a chì sinn san coltas sònraichte Caitligeach – stèidhichte san talamh agus a’ cumail seann bheachdan pàganaich.
A bharrachd air sin, gu sìmplidh, ma sgaras sinn eachdraidh Albainn ann an dà phìos – Goill agus Gàidheil – chì sinn gu bheil an fhacal ‘Sain’ dha-rìribh ceangailte ris an fhacal Gàidhlig ‘Seun’ a thànaig thugainn bhon fhacal ‘Sén’ ann an Gàidhlig na h-Èirinn, a tha cuideachd a’ tighinn bhon fhacal Làdainn ‘Signum’. ‘S e faclan co-dhàimheil a th’ annta.
Fear de na rudan as cudromaich ann an Saining, ’s e faclan labhairteach a th’ ann, no faclan air an cagarsach, agus a’ chrois air an robh sinn dìreach a’ bruidhinn. Chleachdadh a’ crois Naomh Anndra, crois-sheunaidh, no crois na grèine. ‘S e seo a’ gnìomh coisrigeidh a tha a’ cruthachadh an t-seun.
An fhacal fhèin
Fhad ‘s a tha thu a’ dèanamh a’ chrois, canadh tu an ùrnaigh agad, no an fhacal “Seun”. Chan eil mi fiù ’s a’ dol a thòiseachadh bhruidhinn air an dòigh anns a bheil thu a’ cruinneachadh lusan, agus na rudan eile air a bheil thu a’ feumach gus seo a dhèanamh. Co-dhiù, tha àireamh de ùrnaighean ann airson amannan sònraichte den bhliadhna airson beannachadh a dhèanamh air crodh no taighean, no gus an droch shùil a chumail air falbh. Cuideachd, chleachdadh ùrnaighean mar an Ùrnaigh an Tighearna, Fàilte dhut, a Mhoire, agus Creideamh an Abstol (nas motha ann an Gàidhlig no ann an Ladainn). Chleachdadh na bh’ aca agus an fhios a bh’ aca. ‘S fheàrr leamsa na dòighean traidiseanta a chleachdadh, agus dòighean eachdraidheil, ach, tha ùrnaighean agam fhìn a chaidh air chruthachadh thar ùine. Tha na faclan ceart cho cudromach gus Seuntan a dhèanamh air sgàth ’s gu bheil thu a’ seòladh na spioradan gus rudeigin a dhèanamh.
Dè seòrsa rudan a chleachdas sinn?
Bha iomadh rudan ann gu h-eachdraidheil air a chleachdadh airson seuntan, uile le adhbharan eadar-dhealaichte. Mar eisimpleir, chaidh Coinneal a’ Ghiuthais a chleachdadh (coltach ri ‘Tjärved’ ann an Lochlann) gus dìon a thoirt do daoine marbh airson siubhail sàbhailte dhan àth-shaoghal/Neamh. A bharrachd air sin, tha sgeulachdan ann mu dhaoine a’ toirt ‘bottle cures’ do dhaoine no bheathaichean air a bheil tinneas a fhuair iad bhon droch-shùil. Nam bhiodh beathach ann air an robh tinneas, thugadh tuathanach botal làn le uisge beannaichte agus chrathadh e an t-uisge air a’ bheathaich agus an uair sin bhiodh e slàn a-rithist. Bha e cumanta an lus ‘aiteann’ air a losgadh a chleachdadh airson beannachadh a chur air an taigh Oidhche Challainn (ach bidh mi fhìn ga chleachdadh fad na bliadhna), agus Cuileann an aghaidh Na Sìtheachan (an fheadhainn dona ged-tà).
Rudan a chleachdas sinn airson seuntan:
- Salainn
- Ghiuthas
- Aiteann
- Caorann
- Conasg
- Pìos airgid
- Uisge
- Ola
- Sgillinnean
- Saighead sonn
- Teine
- Snàth
Tha barrachd ann na dìreach seo, agus bidh na rudan seo ag atharrachadh a rèir an fheum aig an daoine a bhios ga dhèanamh agus an àite anns a bheil iad.
Cuin’ a nì thu seuntan?
Gu tric bidh beannachadh air an dèanamh aig Bealtainne, Imbolc/Là Fhèill Brìghde, Lughnasadh, Samhain, agus La Fhèill Mìcheal, agus dh’fhaodadh tu seunta a dhèanamh uair sam bith. Bithear gan dèanamh mus rugadh leanabh, no nuair a chaogalas cuideigin, no ma thathar a’ faireachdainn gu bheil buaidhean gun iarraidh orra. Leis gur e practas a th’ ann a tha a’ cur a h-uile càil ann an òrdugh, tha e snog a dhèanamh aig amannan cudromach nuair a bhios co-dhùnadh mòr agad ri dhèanamh, no nuair a bhios tu ag iarraidh soilleireachd. Sin an t-adhbhar gu bheil ‘a’ cur rudan ann an òrdugh’ aon de na mìnaidhean den fhacal. B’ e practas coimhearsnachd a bh’ ann cuideachd. Chì sinn daoine ag lasadh na teintean aca bhon theine sa choimhearsnachd (iomadh turas air a dhèanamh le aiteann agus caorann) a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ cumail an toradh aca air falbh bhon droch-shùil no geasagan.
Co-dhùnadh
Tha mi an dòchas gun do chòrd seo ribh agus gun robh seo cuideachail ann an dòigh air choireigin. Chan eil mi gur teagasg seuntan, ach dìreach a’ dèanamh mìneachadh air dè th’ ann. Seo an turas agaibhse a thòiseachadh. ‘S e practas cudromach an th’ ann ged nach eil e cho cumanta san là an-diugh na bha. Ach, cuimhnichibh gu bheil practice iomairtiche a tha seo agus airson coimhearsnacheacn a bhrosnachadh.
Gur math thèid leibh!



Leave a comment